Free

Staran: Leasachadh sgriobt, le Lynda Radley agus Màiri Sìne Chaimbeul

Event Information

Share this event

Date and Time

Location

Location

Royal Conservatoire of Scotland Wallace Studios

210 Garscube Road

Glasgow

G4 9RR

United Kingdom

View Map

Friends Who Are Going
Event description

Description

Tha Theatre Gu Leòr a’ cuir air bhog iomairt leasachaidh ùr, STARAN, le sreath de bhùithean-obrach aig Conservatoire Nàiseanta na h-Alba airson cleasaichean is luchd-ealain ag obair sa Ghàidhlig, a’ tabhachd cothrom air leth bhith trèanadh le eòlaichean agus sgilean proifeiseanta a leasachadh. Bi gach bùth-obrach a' gabhail àite thairis air deireadh-sheachdainn agus a' coimhead air diofar chuspair.

30mh den t-Sultain & 1d den Damhair
Dannsa-ceum ann an co-theacs aimsireil, le Sophie Nic Steaphain

21mh & 22mh den Damhair
Complete Vocal Technique, le Mìcheal Hill

4mh & 5mh den t-Samhain
Leasachadh sgriobt agus dramaturgy, le Màiri Sìne Chaimbeul agus Lynda Radley

Tha na bùithean-obrach seo air lìbhrigeadh le taic bho Bòrd na Gàidhlig.

Bi rannsachadh air an obair againn a' gabhail àite aig na bùithean-obrach ach tha compàirteachas ann saor-thoileach, dìomhair agus faodar tarraing a-mach aig àm sam bith. Bi tuilleadh fiosrachadh mun rannsachadh seo air sgaoileadh ro làimh.


Leasachadh sgriobt agus dramaturgy

Bidh a’ bhùth-obrach seo a’ toirt cothrom air leth do chleasaichean, sgrìobhadairean, ceòladairean agus luchd-ealain eile teacsa ùr aimsireil, ùghdarraichte le Theatre Gu Leòr agus air a sgrìobhadh le Màiri Sìne Chaimbeul, a sgrùdadh. Cuideachd bidh cothrom ann ionnsachadh mu dhèidhinn dreuchd an dramaturg agus a bhith a’ còmhradh mu dhèidhinn modhan obrach agus pròiseas Màiri Sìne agus an sgrìobhadair stèidhichte dhealbhan-cluiche, Lynda Radley.

Am measg nan rudan air am bi sinn a’ beachdachadh:

- Dè th’ ann am pròiseas leasachaidh agus carson a bhiodh an leithid ann?
- Dè am pàirt a th’ aig cleasaiche sa phròiseas seo?
- Dè bhios dramaturg a’ dèanamh?
- Dè tha diofraichte ann a bhith ag obair ann an Gàidhlig?
- Ciamar a tha an tras-sgrìobhadh agus na fo-thiotalan ag obair agus ciamar is urrainn dhaibh a bhith air am fighe a-steach ann an dòigh chruthachail?


Mu dheidhinn Màiri Sìne Chaimbeul

Rugadh Màiri Sìne Chaimbeul sa Phloc ann an Siorrachd Rois agus chaidh i dhan sgoil sa bhaile sin. Cheumnaich i bho Oilthigh Obardheathain le MA le urram ann an Ceiltis agus chuir i seachad beagan bhliadhnachan ann an Lunnainn agus a’ siubhal ann an Afraga a Tuath agus an Ear Meadhanach mus do thill i a theagasg ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Bha i na ball den bhuidheann theàtar Gàidhlig, Fir-chlis, gus an do phòs i Tormod Caimbeul anns an Dàmhair 1979. Bha i a’ teagasg òrain Ghàidhlig ann am bun-sgoiltean air feadh Leòdhais agus bhuannaich i Bonn Òir san t-Seann Nòs aig Mòd Rìoghail Nàiseanta an Òbain ann an 1992.

Tha i air tri leabhraichean chloinne a sgrìobhadh - Lee Anne (1989), Àiridh Dhòmhnaill an Tàilleir (1990) and Ceann an Rathaid (1998) – agus iomadach sgriopt airson prògraman cloinne TBh. Bha i ag obair mar òraidiche aig Sabhal mòr Ostaig airson 23 bliadhnachan gus an do leig i seachad a dreuchd bho chionn dà bhliadhna, a’ teagasg dualchas agus beul-aithris, cànan agus litreachas ri oileanaich bho air feadh an t-saoghail. Tha an leabhar aice air bàrd Chinntàile, Iain mac Mhurchaidh gu bhith air fhoillseachadh am bliadhna.

Mu dheidhinn Lynda Radley:

Is e sgrìobhadair dhealbhan-cluiche agus dramaturg à Corcaigh a tha air a bhith ag obair ann an theàtar proifeiseanta airson barrachd air deich bliadhna a tha ann an Lynda Radley. Seo cuid de na dealbhan-cluiche aice The Interference, DORM, Berlin Love Tour, Futureproof, The Art of Swimming, Birds and Other Things I am Afraid of, Soap! (le Ciaran Fitzpatrick), The Heights and Integrity. Bhuannaich The Interference Scotland Fringe First agus duais Broadway Baby aig Fringe Dhùn Èideann ann an 2016, agus bha e air geàrr-liosta airson Amnesty International Freedom of Expression Award. Tha e air fhoillseachadh le DPS. Bha DORM air a’ gheàrr-liosta airson The Bruntwood Award: aon de na molaidhean as àirde sa Rìoghachd Aonaichte airson dealbhan-cluiche ùra. Dh’obraich Lynda mar dramaturg dha Mark Bruce air a dhreach dannsa Dracula. Fhuair seo duais South Bank Sky Arts corra duais bho Critics’ Circle. Ann an 2011 bhuannaich Lynda Scotsman Fringe First airson an dealbh-chluich, Futureproof ann an co-obrachadh le Dundee Rep Ensemble agus Traverse Theatre. Chaidh an taisbeanadh aon neach aice The Art of Swimming a chur air a’ gheàrr-liosta airson duaisean Meyer Whitworth agus Total Theatre agus chaidh e air chuairt eadar-nàiseanta. Tha i na companach aig Playwrights’ Studio Scotland agus na oide dha oileanaich for-cheum ann an sgrìobhadh dhealbhan-cluiche aig Oilthigh Ghlaschu. Bidh Futureproof air a thaisbeanadh ann an Èirinn, India agus Aimearagaidh ann an 2017.


Theatre Gu Leòr launches STARAN a new development initiative, with a series of workshops at the Royal Conservatoire of Scotland for actors and artists working in Gaelic, providing a rare opportunity to train with experts and develop professional skills. Each workshop will take place over a weekend and focus on a different topic.

30th September & 1st October
Step dancing in a contemporary context, with Sophie Stephenson

21st & 22nd October
Complete Vocal Technique, with Michael Hill

4th & 5th November
Script development and dramaturgy, with Màiri Sìne Campbell and Lynda Radley.

These workshops are delivered with support from Bòrd na Gàidhlig.

As part of the workshops research will be undertaken about the work of Theatre Gu Leòr in this area but participation is voluntary, confidential and can be withdrawn from at any time. More information about this research will be sent to registered participants in advance of the workshops.


Script development and dramturgy

This workshop will provide actors, writers, musicians and other artists with a unique opportunity to explore a new contemporary text, commissioned by Theatre Gu Leòr and written by Màiri Sìne Campbell. There will also be a chance to discover the role of the dramaturg and discuss the experiences and process of both Màiri Sìne and established playwright Lynda Radley.

Among the things we will explore:
- What is the development process and why have one?

- What role does an actor play in this process?
- What does a dramaturg do?
- What differences are there when working in Gaelic?
- How does the translation and subtitling work and how can they be integrated creatively?


About Màiri Sìne Campbell

Màiri Sìne Campbell was born and educated in Plockton, Highland. An MA Hons Degree in Celtic Studies at Aberdeen University was followed by time in London and travelling in North Africa and the Middle East before returning to teach in Portree High School. She joined the Gaelic theatre group, Fir-chlis, and was with them until her marriage to Norman Campbell in October 1979. She has taught Gaelic singing to children in schools across the Isle of Lewis and was awarded the Gold Medal in the Sean Nòs at the Royal National Mòd in 1992.

She has written three children’s books - Lee Anne (1989), Àiridh Dhòmhnaill an Tàilleir (1990) and Ceann an Rathaid (1998) - and numerous scripts for children’s TV programmes. She worked as a lecturer at Sabhal Mòr Ostaig for 23 years until her retirement two years ago, teaching traditional culture and folklore, language and literature to students from all over the world. Her book on the Kintail poet, Iain mac Mhurchaidh, will be published this year.


About Lynda Radley

Lynda Radley is a playwright and dramaturg from Cork who has been working in professional theatre for more than a decade. Her plays include The Interference, DORM, Berlin Love Tour, Futureproof, The Art of Swimming, Birds and Other Things I am Afraid of, Soap! (with Ciaran Fitzpatrick), The Heights and Integrity. The Interference won a Scotsman Fringe First and a Broadway Baby award at Edinburgh Fringe 2016, and was shortlisted for the Amnesty International Freedom of Expression Award. It is published by DPS. DORM was shortlisted for The Bruntwood Award; one of the UK’s most prestigious plaudits for new plays. Lynda worked as dramaturg for Mark Bruce’s dance version of Dracula. This received a South Bank Sky Arts award and a number of Critics' Circle awards. In 2011 Lynda won a Scotsman Fringe First for her play Futureproof; a co-production between Dundee Rep Ensemble and the Traverse Theatre. Her solo show The Art of Swimming was shortlisted for Meyer Whitworth and Total Theatre awards and toured internationally. She is an Associate Playwright at the Playwrights’ Studio Scotland and mentors postgraduate students of playwriting at Glasgow University. Futureproof will be produced in Ireland, India and America in 2017.

Share with friends

Date and Time

Location

Royal Conservatoire of Scotland Wallace Studios

210 Garscube Road

Glasgow

G4 9RR

United Kingdom

View Map

Save This Event

Event Saved